![]() |
|
Title A' Chruinneag dhonn 's toigh leam thu |
A' Chruinneag dhonn, 's toigh leam thu Bhon chuir mi uidh nad bhòidhchead 'S ann théir iad rium gu fanoideach Gur òg an leannan dhomhs' thu. Their cuid a' dhaoin' le danadas Gu bheil thu ghràidh car òg dhomh 'S e sin a' choirr 's fheàrr a th'ort Bithidh 'n aois a' fàs car neònach. Ged bhios luchd nan tualasan A' fàgail suas droch sgeul oirnn' Chaoidh ri m' bheò cha threig mi thu 'S cha toir mi spéis dha' n còmhradh. Gur math a thig na cirean dhuit An cùl do chìnn an òrdugh Is chan eil cron ri àireamh ort O sin gu sail do bheoige. Gu bheil do ghruaidhean dearrsanna Tha dreach orr' mar na rosan Do bhilean mar an scarlaid 'S mór is fheàrr na mìl do phògan. Tha gach mais a dh'iarrainn ort Ri fhaotainn air gach doigh ort Tha beus tha modh tha ciall agad Tha d' phearsa deanta boidheach. Co-dhùnaidh mi na briathran seo Mus crìochnaich mi an t-òran Is e mo ghuidhe 's m'ìarratas Gum faigh mi'm bliadhna coir ort. |
Description Oran gaoil, love song from an older man to a younger woman. Although they are telling him that he is too old for her, her kisses are sweeter than honey and she has all the beautiful virtues he could wish for. She has wisdom, and lovely manners and her whole person is one of beauty. | |
Composer Gilleasbuig MacLeod | |
Sloinneadh Bàrd Ghrealain from Grealain | |
Biography Bàrd Grealain. He moved early in life from Grealain to Edinbane and it is known that he was alive in his old age in 1929. Another Grealain Bàrd was Alasdair Mackintosh. Alasdair moved to Canada and little is known about him. | |
Source | |
Date |