![]() |
|
Title A' Chuith Fhraing |
A' bheinn chorrach, chreagach, ghruamach 'S tric a sheall mi diomhain suas riut Nuair bha mi òg mu raoin is chluaintean Ruith 'sa ruagail aig do bhonn Ged a thriall mi fad thar chuan 'uat Cha do leig mi riamh a m' smuain thu Far an d'rinn a' ghrìan mo churradh 'S a dh'fhàg mo ghruaidh gu tana, donn. Tha cuid daonnan a' chraobh-sgaoileadh Ionghnaidhean 's gach ceàrn' dhen t-saoghal Ged nach dean mi tair' air aon dhiubh A taobh seo neo taobh thall a' bhuirn Chunnaic mi iad le mo shùilean Is chuir mi toilichte mo chul riuth' Thàinig mi air ais gu d'ionnsaigh 'n tìr mo dhùrachd is mo rùin. Ghluais mi'n diugh gu sunndach gaisgeil 'S chuir mi m'aghaigh suas air Sartail Ghabh mi ris gach leathad sgairteal Cha robh tacas bat' am smuain Fhuair mi direadh gu do stucan 'S an Dùn Mór chuir air mo chùlaibh Is bha mi measg na stucan cubhraidh Dealbhach, gulmach, garbha, buan. Sheas mi àrd os cìonn gach monadh Sealltainn sios air gleann is coire Air gach cleit is mam? is corran Creagan, sgorach, biorach, cruaidh Achadh fraoich, is raointean mointich Càrnain Chrotail agus chòinnich Glacan tomach fearach, boidheach Is uillt a cronan ris gach bruaich. Chi mi a' Bheinn Eadara shuaimhnich Is Bealach Uige làimh ri gualainn Dian a' nochdach an taobh shuas dhiubh Sgur a' Mhadaidh Ruaidh', 's an Stòr Measg gach bearradh tha mun cuairt dhomh Chi mi'n t-Sròn san Àirde Tuath dhiom Iad nam baideal drideadh fuathach Gu tric a buaireas ris na neòil. Chan eil sealladh a thig dlùth ris Na tha soillear 'n tràth s' do m' shùil-sa Grian a' teàrnadh anns a' chiuineachd Thall an Diùirnis nan Gleann. Creagan Bhatarnais is Ghearraidh Sgaoileadh dubhair air an t-saile; Sgur nan Gillean agus Marsco, Cuir an sgail air cnoc is beann. Solas inntinn dian gam sheoladh Is tionndaighidh gu taobh Tìr Mór mi Linn' na cadal 's fiamh an òir oirr' Eadar Ronaigh 's Rudha Reidh Rioghachd Shìtheal nall gun smuaiseadh Fladaigh chuain is Rudha Hunais 'S traigh an Eilean Fhada dubhradh Ciuineachd air mo ghualainn chli. Is solas inntinn taladh uaill dhomh Is ga ùrachadh le buaidh dhomh Faicinn uam na badain uaine Is fhaide tuath do Thìr a' Cheò A Rudha Hunais bhith nad fhianais Tim an fheasgair 's toiseach ciaraidh Gun aon sgleo neo ni san iarmailt Ach an t-eun tha seinn air sgéith. 'S tric a ràinig mi do chrìochan 'S tric a shuidh mi tacan diomhain Coimhead sgairbh is corra-riabhaich Trang ag ìasgach mu do thràigh Fada shuas os cionn gach aon dhiubh Sùlaire le sgiathan sgaoilte Is mun chuairt orr' snàmh gu h-aotram Buigear agus faoileag bhàn. Chan eil ceàrna lom gun tuar leam 'N ear no' n ìar dhiom, deas neo tuath dhiom Is gach ni bidh dhomhsa luachmhor Fhads a ghluaiseas fuil nam chridh' Dhuisg an duan seo tìr mo ghràidh dhomh Fada bhuam is goirid làmh rium Tha e uile dhomh na àilleachd Dheth gu bràth dhan fhasainn sgìth. 'S fheudar dhomh le toil is aoibhneas Nis a bhi cuir cùl ri d' shaibhreas Cùl ri sealladh agus soillseachd O n' tha 'n oidhche tarraing teann Theid mi sios le ceuman uallach Air feadh froinneach, fraoch is luachair Agus mìle soraidh uamsa Le do chruachain a Chuith Fhraing |
Description An ode to the Quirang | |
Composer Angus Matheson | |
Sloinneadh Aonghas Uisdein, Stoighseall | |
Biography He was born in Stenscholl. He was at sea in his youth and he spent his life in Glasgow working on the trams for much of his life. He married a Uibhist woman. Local people here were not so familiar with his poetry because he was away for much of his life. He was crowned at the mod. One of his most popular compositions was Tiugainn leam thar saile. | |
Source | |
Date |