Back to Songs Index

Title

Oran Cogadh Africa
Gur mise tha gu duilich gu duilich gu duilich
Gur mise tha gu duilich 's fo mhulad san am
Gur mise tha gu duilich is Breatain an cunnart
'S nach eirich iad uile fair mullach nam beann.

Gur mise tha gu duilich san tìr seo a' fuireach
'San rioghachd an cunnart 's a' fulaing san am
A' caoidh na fir dùthcha na Gàidheil nach diùltadh
'S nach tugadh an cùlaibh do fhudair (gunpowder) neo lann (lance)

'S gun dh'ordaich iad sios sinn, gu' r trasgradh gu cianail
'S ann ag earbs' ann an Dia bha an t-iarmad chaidh ann
Luchd nam feilidhean tartain a thàinig a Breatainn
Is Wanchope na sheasamh le each air ar ceann

Nuair fhuair sinn an comhnard san oidhche gar comhdach
Gun d'thàinig na bholaidhs, bho na Boerich an nall
Co sheasadh a chasan ' s an sliabh dol na lasair
'S na peilearan frasaidh mar sneachda mar ceann.

Tha na dùthaich gle laidir 's tha Krugar ag ràdha
Gum buinnig iad am blàr seo, 's mo làmh dhiubh an geall
An ti bha gam chomhnadh am marbhadh na leomhann
Gu sgrios e gach rog agus Rhodes air an ceann.

Tha White air a phianadh bhon tàinig a' bhliadhna
'S e tinneas aig biasdan is fiabhrais sa champ
Ach eirigh an t-uasal* is bheir e mach buaidh air
'S theid Joubert na luathainn is uaigh cha bhi ann.
= or alternatively an tuargan is given in another version

Tha Buller an trath seo a' ruaigeadh an namhaid
Direadh 's a' tearnadh feadh shrathan is gleann
Daoine gan leonadh is Ladysmith deònach
Gum faigheadh iad comhnadh s a' chomh-srì a th'ann.

Thubhairt Eachann an t-armuinn is e labhairt 's a' Ghàidhlig
Iad dheanamh dail, faic an namhaid a nall
Nuair sheideas mi'm bugle sin, theid sinn dan ionnsaidh
'S gum faic sibh na suilean a' tionnadh na ceann.

Air feasgar Majuba thàinig dar 'n ionnsaigh
An naidheachd as sunndaiche shiubhlas a nall
Gu robh Grongie air geilleadh chuid dhaoin' ann an eiginn
'S moran dhiubh reubte nach eirich on allt*.

Alternatively to on allt = gu brath.

Description

Cumha cogaidh, lament for war

Composer

Dòmhnall Ruaraidh MacNeil, Earlais

Sloinneadh


Biography


Source


Date