![]() |
|
Title 'S gort an sgeul a dh'iomadh chreatair |
'S gort an sgeul a dh'iomadh chreatair Fhad is leud bhur mór roinn Tha an cogadh fhoillte, sgathtach, beumach Sgrios na Legion a dh'oigfhear. Mo thruaighe, leir air ceann a Chaisear Gluais an streap 'sa chomhrag A chuir an saoghal seo troimh chéile 'S e thrill a' bheist a rosladh. Tha inntinn Lucifer na cridhe N t-eucorach gun trocair B'e rùn gum faigheadh e dhaibh fhèin Gach sead a bha 'san Roinn Eòrpa. Gach rioghachd ann a toirt gu geill Le leir chreach 's fuil a dhortadh An dùil ri saoibhneas chur am meud Chuir tuilleadh sead ri mhór chuis. 'S e Livia e ro ghraineil Fhuair bhon Dragon eòlas 'S e teagasg feallsanachd Bhern-hardi. Thruaill a chail bho oigea. Oir mheas e fhèin os cionn lagh Dhé Chuir e an fhirinn as a h-àite e uaibhear mhór bha e an toir Air cumhachd àrd is mór chuis. Cha chualas riamh o thus an t-saoghail Leithid a chaonraig naimhdeil Le milleanan de chlann an daoine Air tional taobh na Fhraing. Le inneal sgrios is inneal bàis Gan dealbh is gan tath gu aimhleas Is air mur is tir is na speuran àrd Gan cur nan small le aoineard. Gu sealladh aillteil e air chuain Bhi faicinn sluagh gun aireamh Le gunnachan mar bheithear cruaidh Air gunnachan mar bheatha chruaidhe Ro thinnteach fuaimhneach gaireach. A sgath nam milltean sios mun cuairt Gam bruanadh air an airidh 'S cuid a' bàsachadh le fuachd Nach cluinneadh aon an caradh Tha mi fo thursa, 's mo chridhe bruite 'S beag mo shunnd ri marbhrann Mu chor mo dhùthcha air a rusgadh Dheth gach furan 's armunn 'S gur iomadh clann laoch chaidh a null Nach pill gu grunnd nan càirdean Nach d'fhuair de mhuirn an cur fon uir Ach dh'fhalbh nan smur air blaraidh O Bhreatain thruaighe, nach seall thu suas Ri Righ nan sluagh gud chomhnadh 'S e sud an Ti d'am buin a bhuaidh 'S a' bhruanadh gairdean feòla. 'S e chuireadh do naimhdean air an ruaig 'S e bheireadh uatha 'n torachd Ach 's ann tha t-uail-sa neart do shluaigh 'S'ad luingeis cuain air corsaibh. Nach creid thu gur e sud an Triath Tha riaghladh ann a' mhorachd Air Neamh is talamh is aig cuan Le deas-laimh, bhuadhaich glòrmhór. Mur toir thu geill dha o do chridhe Chan fhaigh thu sith no solas Chan fhaigh thu buaidh air mur no tìr A dh'aindeoin t-innleachd s'teòlas. Ach gheall E dhuinn na fhacal fior Gun tig a rioghachd siochail 'S gun tilleadh ris a iomadh tir Le firinnteachd i's siochaint. Chan ann le cogadh no le srì A chosnas e an diabhal Ach bru-har leis a cheann gu min Re fad na mhile bliadhna. 'S e mu choinneamh ris an t-sìth is àrd O'm bheil gach gras is tiodhlac Gun dort E nuas oirnn ann ad la Do spiorad gràidh gu fialaidh. Gun teid an soisgeal chuir gun dail Air feadh gach ceàrn fon iarmailt Nach bi ain-iochd is inneal bàis O seo gu bràth a' riaghladh. |
Description Cumha cogaidh, lament for war | |
Composer Gilleasbuig MacLeod | |
Sloinneadh Bàrd Ghrealain | |
Biography Bàrd Grealain. He moved early in life from Grealain to Edinbane and it is known that he was alive in his old age in 1929. Another Grealain Bàrd was Alasdair Mackintosh. Alasdair moved to Canada and little is known about him. | |
Source | |
Date |