![]() |
|
Title Cuimhn' am Balaich |
Och Och a-nochd 's mi an Cùl nan cnoc Chan fhaigh mi fois no suaimhneas 'S gun fhios aig cach gu de mo chas Ach 's nàdurrach mo smuaintean. 'S cuimhne leam 's gun gearrain fhin Man bha mi fhin gun ghruamain 'S gun churam nith air bith fon ghrein 'S mo laighe 's m'eirigh suaimhneach. An comhlan ciuin bu tric bha leam Tha cuid 'san uair nam suain dhiubh Chan fhaicear tuilleadh iadsan cruinn An comann grinn 'sa Bhuaile.* Tha cuid dhiubh sinnte thall 'sa Fhraing O is ìseal clann nan uaislean 'S bidh sinne caoidh gu bràth nan suain Thug saorsa dhuinn bhon chruadal. Tha Murchadh Sheumais fhein fon fhoid Tha Tormod Òg is Donnchadh Ged bheir na suilean nuas na deòir Le bròn bidh sinn gan ionndrainn. Tha Uilleam sinnte mar tha cach Gun fiu's na clar mun chuairt air 'S e dh'ionndrain mise a chrathadh lamh Nuair rainig mi 's nach d'fhuair mi. Tha Dughlas sinnte 'n tìr na cein. B'e teas na grein thug buaidh air Bu tlachdmhor e an comann cruinn 'S e a nith gun mheang mun cuairt dha. Bha Eòghann MacLeoid is Dòmhnall Eòghainn Ann shuas na h-òige 's a' chruadal 'S ged bha suil rim faicinn slàn 'S e sgeul am bàis a fhuaireadh. O 's tric a bha mi fhìn 's iad fhèin A' ruithe 's a' leam gu h-uallach Mun chuir sinn cùl ri tìr nam beann Gur meall 's air a' Chnoc ..... ruadh sin. Chan eil an uaigh ach anns a' chille 'San tir 'san deach an comhnaidh 'S bidh sinn gan chaoidh air feadh na sgire An cian a bhios sinn beo ann. O dh'fhalbh an caoibhneas 's a' bhaigh Thug cloinn mo ghràidh don uaigh leotha Ach cuimhnichidh sinn an tìr as fheàrr 'S e creideamh is gras bheir suas sinn. (*This was a sheep fold opposite the Bhaltos schoolhouse) |
Description Cumha cogaidh, lament for war | |
Composer | |
Sloinneadh Aonghas Thormoid Choinnich, Bhaltos | |
Biography | |
Source | |
Date |