Back to Songs Index

Title

Seo a chuirm 's am bheil an lànachd
Seo a chuirm 's am bheil an lànachd
Cuirm a bheir do 'r 'n anam slàinte
Nithean blasda do ar càil
A theid na's fhearr troimh'n t-siorruidheachd
O seo a chuirm 's am bheil an lànachd

Fion cho annasach 's cho sàr-mhaith
'S ged a bhiodh sinn sgìth is màirneal
Chuireas lùgh 's a h-uile pàirt
'S a nì ar ceum na's guanaiche
O seo a chuirm 's am bheil an lànachd

Sùgh cho fallain is cho brìghmhor
Bheir dhuit neart air slighe sgìtheal
'S gheibh thu fàilt' o Mhac an Rìgh
A bheir dhuit trusgan fìnealta
O seo a chuirm 's am bheil an lànachd

Có a dh'ullaich dhuinn a chuirm seo?
Esan anns na chur sinn muinghinn
'S ann ann a thà'm fear-tighe suilbhir
'S E nach maoidh na chórdas ruinn
O seo a chuirm 's am bheil an lànachd

Fion cho tlachdmhor ann a mhìlseachd
Cùbhraidh, pailt, air bhlas na cìr-mheal'
'S mhol na dh'fhiach e anns gach lìnn
'S cha chosg e fiù an fheorling dhuinn
O seo a chuirm 's am bheil an lànachd

Faodaidh tu do chorp a lionadh
Uair is uair ma tha thu'g iarraidh
Cha d'fhuair thu riamh na's fhearr 'son d'iot
'S cha dean e cron gu siorruidh ort
O seo a chuirm 's am bheil an lànachd

Aig a chuirm bi moran cómhla
'S fiach nach tig thu ann na d'ònrachd
Cuireadh fialaidh 's àit gu leòr
'S na fan air falbh le d' ghòraiche
O seo a chuirm 's am bheil an lànachd

Tha beathachadh 's a h-uile pàirt dheth
Fad air thoiseach air a mhànna
Cha tig droch bholadh dheth gu bràth
'S cha mhò na sin a theirgeas e
O seo a chuirm 's am bheil an lànachd

Description

Laoidh, hymn Mrs Catriona MacDonald was inspired by a sermon preached by Donald Lamont of Culnancnoc a number of years ago. Though she has not recorded when, Mrs MacDonald believes that perhaps it was preached sometime during the 1990s.

Composer

Catriona MacDonald

Sloinneadh


Biography

from 2 Glas pheighinn has published two books of her own hymns. They are entitled Sgeul na Reite and Na Bannan Graidh.

Source


Date