![]() |
|
Title Tha mise air tilleadh 'o mo chuairt |
Tha mise air tilleadh o mo chuairt On a' bhaile mhór aig abhainn a' Chluaidh Is mi taingeal a bhith air ais aon uair Don eilean uain' is dachaidh dhomh. Nuair a dh'fhàg mi seo air moch Diardaoin Dol a Ghlaschu airson làithean saor Le'm charbad beag is mi leam fhìn A' sial is mi gun a' chabhag orm. Bha madain àlainn ann le grìan Is oiteag bheag de ghaoth an ìar Aig deireadh fo dhuilich a bha fiadhaich 'S gu dearbh bha fiamh an earraich air. Bha coltas air na beanntan mór Gun d'fhuair iad sneachda trom gu leòr 'S na muillich làn dhe le sios Glenco Is beagan ceò na laigh' oirre Sios Loch Laomain dh'fhàs i trom Le beagan uisge mun a gaoithe Tha rathad mór 's e sior fhàs trang 'S mi ann air motorway Mur a 'eil thu eòlach air an dòigh Le roundabouts is lanes gu leòr 'S ann tha thu buailteach air dhol ceàrr Is dàil ort leis na traffic lights Ach ràinig mise sàbhailt' 's beò Gu meadhon a Ghlaschu aig Kent Road Aig Charing Cross is Sauchiehall Is gun móran dheth mar a chleachd e bhith. Tha ùibrid ann an-siud tha truagh Aig duine nach eil cleachdta ri fuaim Le drochaid shios is drochaid shuas Air do chuairteachadh le motorways. ' Chomhairle bheirinn-se air mo sheòrsa Nach eil tric 's a' baile mhór Thoirt sùil air a highway code Mun téid iad an coir a' bhaile sin. Tha mogan airgid thug mi leam A cheannach beagan anns gach bùth Aig ceann an seachdain bha mi spuilt 'S nach fhaicinn fiù a cheannaich mi. Ach cha do dh'innse mi h-uile càil Thug Donnchadh a-staigh mi dhan a Ritz Bar Le drama bheag is pinnt neo dhà Gu dearbh gum b' fheàirde mo chomhlain e. Ach b'fheàrr leam fhìn gu dearbh le cinnt Bhith anns an eilean againn fhìn Far faic mi monaidhean is bhrìgh Is gu' faigh mi sìth is cadal ann. |
Description There's no place like home Uilleam sang the song above to the tune 'Gu mo slàn don ribhin òg, tha tamh an eilean gorm an fheòir | |
Composer William MacDonald | |
Sloinneadh Uilleam 'n Ruaraidh, Dìg | |
Biography | |
Source | |
Date |