Back to Songs Index

Title

Sioruidh na Glas'ein
Tha Murchadh an Fhidhlear a-mach mar tha cach
Mach feadh na h-oidhche a' suilead 's gach àit'
Bheir mise mo ghealladh mur sgur e de cheard
Gun caill e a leannan, 's nach fhaigh e nas fheàrr.

Tha nigheanagan glan anns a' Ghlaisinn ud thall
Gu mealladh nan gillean 'sa mireadh nan ceann
Ma dh'innseas mi'n fhirinn tha mile riut ann
Chi thu crun air a' bhan-righinn a' fas air a ceann.

Tha nighean aig Calum cho snaisail 's th'air cleir
Gu mealladh nan gillean 's a cridh' aice fhein
Nuair chualas mu pòsadh bha deòir as a deigh
'S gun cur i snaim gruaimean nach fuasgail an deud.

Tha Aonghas cho ciùin 'sa tha 'n druchd air an lòn
Gu cridheal is cairdeal na dheidh gille coir
'S e thubhairt rium an ainnir 's i Péigi Iain Mhóir
Bheir e lón far na Galldachd gu h'annseal mar 's coir.

Hugo-falio-hugo-fal-il-ee
Hugo-falio-hugo-fal-il-ee
Hugo-falio-hugo-fal-il-ee
Tha suiridh nach mair anns a' bhail' againn fhìn.

Description

Oran gaoil, love song

Composer

Murdo Nicolson

Sloinneadh

Murchadh an fhidhleir

Biography


Source


Date