Back to Songs Index

Title

'S e a' phlangaid a b'adhbhar don dàil a bhith ann
Hill-ill-oranan-sa hill-oron-oro
Hill-ill-oranan-sa hill-oran-oro
'S e a' phlangaid a b'adhbhar don dail a bhith ann.

Sheonag Sheumais Alasdair (1) chan ise te a b'fhearr dhiubh
'N crodh aice ri bhleoghain is gun duin' ann bheireadh lamh dhi
Nuair rainig ise Solidad 's a sheall i anns a sgathan
Bha h'at an cul a claigeann is a falt a-mach a ordugh.

Ina (2) 's i cho farranta 's i cur a choir' air Floiri
Gun dh'fhag i anns a leabaidh na b'fhaide na bu choir dhi
Brogan ura lag oirre thug Dallas dhi am bliadhna
Sailean arda rubber, agus bucail air an cliathach.

Rug iad air na coisichean sios bruthach Bhrogaig
Samson (3) agus cabhag air gu faighinn gu nan ordugh
Chan fhac e na coisichean 's cha d'thug iad caismeachd riamh dha
Gus na bhual iad anns a' bhalach is a leag iad air a' bhlian e.

Null Bearn-Uilleam chaidh na coisichean a thaobh dhoibh
Sheas na motor cars agus sheinn iad an cuid dudach
Gu faca mac-a-cheannaich (4) iad 's gur esan ghabh an t-ionnagh
Na nigheanan dh'fhag Solidad gun rup oirre dhen aodach.

Suas gun an eaglais bha 'n sluagh a' gabhail ioghnadh
Co as a bha na coisichean nam buineadh iad don dùthaich
Bha cuid ag radh gur trampers iad a' falbh a shiubhal duthcha
Ged nach robh an leapaichean an crochadh air an culaibh.

Dhan Eaglais Shaor gun deachaidh iad is thug iad fiamh air Maoileas (5)
Thachair e 'san dorus ria na sheasamh aig an truinnsear
Is thubhairt e ri Iain Gillies (6) e ait thoirt dha na straingers
Is bhruidhinn ris a' mhinistear gu facal thoirt 'sa Bheurla.

Bha na h-orduighean is Stafainn is rinn beagan againn cordadh
Gu falbhadh sinn a coiseachd is gum biodh sinn uile comhladh
Ach bha 'n uine ruith gu cabhagach 'sa feadhainn nach comh' ruinn
Nuair chunnaic sinn a' tighinn iad an coltas cha robh doigheal.

Description

Oran eibhinn
1 A cousin of Eoghann Dhòmhnaill Uisdein
2 Ben Alig Neill
3 An uncle of Morag Grant (Dìg)
4 Alasdair a cheannaiche (an uncle of Donald the Van)
5 Father of Padraig Mhaoileis (Flòdaigearaidh)
6 Buffy's grandfather

Composer


Sloinneadh


Biography


Source


Date