Back to Songs Index

Title

Toll Iain Ruaidh
'S hi ho ro 's na ho ro bho
'S ann an sin bha'n còmhlan truagh
Bha maighdeanan is oigearan
Le bolaich is le fuaim
Daoine móra sonraichte
Tighinn oirnn bhon deas 's bhon tuath
Nuair a chual' iad mun an doimhne
Bha 's an toll a rinn Iain Ruadh

Thubhairt Ealasaid na Buaile
'S i fo ghruaimean anns an am
Ma thachras dhomh gum pòs mi chaoidh
'S gun toir 'n Ni maith dhomh clann
'S mór m'eagal mura duin thu 'n toll
Gun téid gach aon dhiubh chall.

Bha Banntrach Dhòmhnaill cho eagalach
'S i caoidh gach là is oidhche'
'S i 'n dùil gur e na h-Eidealtaich
Bha tighinn a nall ga ruaig'
Air leth gun d'rinn iad tòiseachadh
Air tuill an cliathaich bruaich
Mar bh'ac' an Etiopia
A' glacadh móran sluaigh.

Leig Seonaidh Beartaidh éibheach às
Is thubhairt e 'ain Ruaidh
Cuir thusa mullach làidir air
Is iarann àrd mun cuairt
Ach beathach leams' a bhathar ann
'S gu h-àraidh a bhò ruadh
Na dì-chuimhnich a nàbaidh chorr
Gum paigh thu dhomhs' an luach.

Bha dotairean is bailidhean
An clabair toll na bruaich
Is fhuaras gnothach araidh ann
A bha glé àluinn uair
Bha pùtan ann is tearnan air
An caradh ann an cuaich
Is bocsa làn de shnathadan
Bh'aig bodach bàn nan sguab.

Description

Composer is unknown

Composer


Sloinneadh


Biography


Source

Seonag MacDonald from Valtos

Date