Back to Songs Index

Title

O throid mo bhean 's gun throid i rium
Throid mo bhean 's gun throid i rium
Throid i dona raoir co dhiubh
Thubhairt i Neil tha thu gun tùr
Bliadhn' ur agad an còmhnaidh.

Throid i rium an dòigh neo dha
'S tha fiosam fhin nach robh i cearr
Mar a sguir thu dh'òl gan dàil
Gheibh thu bàs gun tròcair.

Tha thu 'gearainn fuachd gach la
Is chan eil thu dol nas fhearr
Tha fios gu faigh thu 'cure' nas fhearr
Na bhith aig bar a Royal.

Bidh thu gearain goirteas cinn
h-uile madainn bidh tu tinn
Sguir dhen deoch is ol an ti
'S cha bhi thu strì ri d' 'mhorning'.

Nuair a dhùineas iad am bar
Thig thu dhachaidh 's tu co làn
'S ann air 'screwtop' bheir thu làmh
'S bidh dha dhiubh agad còmhla

Bidh h-uile seorsa measg a cheil'
Seonaidh Walker agus Haig
White Horse agus Bullach Lade
'S an rum fhein gan còmhdach

Tha thu sean gu leòr mar tha
Tha thu fichead bliadhn' sa dha
Sguir dhen deoch airson do shlàint'
Is seachainn bar a Royal.

A chomhairl' bheir mi ort gun dàil
Thu bhith maile rium gach la
Neo mar a thachair dhuit mar tha
Gheibh thu cùl na comhdail

Description

The curse, strong drink

Composer

Neil Beaton

Sloinneadh

Niall 'Gowe'

Biography

His father Neil was from Kilmuir and his mother was from Valtos. He was the only one in his family. Neil 'Gowe' married twice. His first wife was Mary Ann Stewart from Bhaltos, and his second wife was from Mull. Neil's own family were musical like him, and together the family gave ceilidhs in Bhaltos schoolhouse, under the name 'comhlan ciùil Néill Gowe'. Neil's home was at Heiriseadair, above Grealain on a hill called Canada Ard. He moved to Portree, and his final days were spent in the Southern General Hospital in Glasgow.

Source

Seonag MacDonald, Valtos

Date